Tha am blog seo a’ coimhead air meud duilgheadas nan dachaighean falamh ann an Alba agus ceumannan poileasaidh gus dèiligeadh ris.
Cia mheud dachaigh fhalamh a tha ann an Alba?
Mar as trice cleachdar dàta na cìse-comhairle gus àireamh nan taighean falamh ann an Alba a thomhas. Tha mu 43,000 dachaigh buailteach airson cìs-chomhairle a tha air a bhith falamh airson sia mìosan no nas fhaide. Dhiubh sin tha timcheall air 28,000 air a bhith falamh airson 12 mhìos no nas fhaide.
Ged nach eil an àireamh de dhachaighean falamh airson 12 mhìos no nas fhaide a’ riochdachadh ach cuid bheag de dhachaighean na h-Alba (mu 1%) tha dùmhlachd nas àirde de dhachaighean mar sin ann an sgìrean-comhairle eileanach agus dùthchail.
Mar a chithear ann am Figear 1, tha an cuibhreann de dhachaighean a tha air a bhith falamh airson 12 mhìos no nas fhaide mar % de dhachaighean iomlan ag èirigh gu 3.6% anns na h-Eileanan Siar, 3.5% ann an Sealtainn, agus 2.6% ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.

Chomharraich rannsachadh comataidh pàrlamaid air dachaighean falamh, ann an 2019 gum faodadh sgìrean a tha a’ fulang crìonadh eaconamach cuideachd a bhith a’ fulang le dachaighean falamh.
Faodaidh dachaighean a tha falamh ùine mhòr an solar taigheadais a tha ri fhaighinn a lùghdachadh a dh’fhaodadh, gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail, cron a dhèanamh air an eaconamaidh ionadail. Faodaidh, cuideachd, taighean falamh nach eil air an cumail suas droch bhuaidh a thoirt air sgìrean ionadail le cunnart gun tuit iad ann an droch staid agus gum brosnaich iad giùlan mì-shòisealta.
Carson a tha cuid de dhachaighean falamh?
Faodaidh dachaighean a bhith falamh airson grunn adhbharan. Uaireannan faodaidh taigh a bhith falamh gu sealach, mar eisimpleir, nuair a tha an neach leis a bheil e san ospadal no nuair a bhàsaicheas an neach-seilbh. No is dòcha gu bheil luchd-seilbh air gluasad ach ga fhaighinn duilich an taigh aca a reic.
Is e adhbhar cumanta airson dachaighean fuireach falamh san fhad-ùine gum feum iad ùrachadh gus an toirt an-àirde gu staid còmhnaidh. A rèir cosgais, is dòcha nach urrainn don luchd-sheilbh pàigheadh airson na h-obrach a tha a dhìth no gun toir an obair-chàraidh nas fhaide na bha dùil.
Uaireannan faodaidh e a bhith duilich faighinn a-mach cò leis a tha taigh falamh, agus faodaidh e cuideachd a bhith duilich grèim fhaighinn air luchd-seilbh, no dh’fhaodadh nach bi iad deònach dad a dhèanamh gus an taigh a thoirt air ais gu staid reusanta.
Dè tha Riaghaltas na h-Alba agus comhairlean air a dhèanamh airson dèiligeadh ri dachaighean falamh?
Tha Riaghaltas na h-Alba air raon phoileasaidhean a chur an gnìomh gus dèiligeadh ri duilgheadas nan dachaighean falamh. Tha sùbailteachd aig comhairlean a thaobh mar a tha cuid de na poileasaidhean sin air an cleachdadh.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic-airgid do Chom-pàirteachas Dachaighean Falamh na h-Alba, air a ruith le Shelter Scotland. Tha an com-pàirteachas a’ toirt seachad comhairle agus fiosrachadh agus a’ toirt taic do oifigearan dhachaighean falamh nan comhairlean. Tha oifigearan dhachaighean falamh air am fastadh le mòran chomhairlean agus faodaidh iad, mar eisimpleir, cuideachadh le bhith a’ lorg luchd-seilbh thogalaichean falamh, agus le comhairle a thoirt do luchd-seilbh mu bhith a’ cur air mhàl, a’ reic no ag ùrachadh na dachaigh gus a toirt air ais gu staid còmhnaidh.
Faodaidh comhairlean suas ri dùblachadh ìre àbhaisteach na cìse-comhairle iarraidh airson dachaighean a tha air a bhith falamh airson 12 mhìos no nas fhaide (no 24 mìosan far a bheilear a’ margaidheachd an togalaich gu gnìomhach airson a reic). Tha stiùireadh Riaghaltas na h-Alba a’ brosnachadh ùghdarrasan ionadail gu bhith a’ cleachdadh sùbailteachd agus breithneachadh ann a bhith a’ cur chosgaisean a bharrachd an sàs leis gur e an t-adhbhar aig a’ cheann thall luchd-seilbh a bhrosnachadh gus dachaighean a thoirt air ais gu staid còmhnaidh. Airson 2022-23, bidh 29 de 32 comhairlean a’ cleachdadh a’ chomais air cìs-chomhairle dhùbailte iarraidh ann an dòigh air choreigin airson togalaichean falamh fad-ùine, Tha trì comhairlean nach eil a’ cleachdadh a’ chumhachd seo, agus bidh iadsan a’ tabhann lasachadh de 10% no ag iarraidh cìs-chomhairle àbhaisteach air dachaighean mar seo.
Tron Phrògram Solarachadh Taigheadais aig Prìs Ruigsinneach aca faodaidh Riaghaltas na h-Alba maoineachadh a thoirt do chomhairlean, comainn-taigheadais agus buidhnean eile airson an cuideachadh le bhith a’ ceannach thaighean gus an dèanamh freagarrach mar thaighean aig prìs reusanta, far a bheil sin a rèir phrìomhachasan ionadail agus ro-innleachdan taigheadais ionadail.
Tha cumhachdan òrdugh ceannaich èigneachail (CPO) aig comhairlean airson dachaighean a cheannach às aonais aonta an luchd-sheilbh ma tha sin gu mòr gu leas a’ phobaill. Chomharraich fianais don rannsachadh comataidh a bh’ ann roimhe nach robhar a’ cleachdadh CPOan ach ainneamh mar an roghainn mu dheireadh agus gun robh iad na bu trice air an cleachdadh airson togalaichean cudromach a cheannach gus cur ri ath-nuadhachadh sgìre. Am measg nan cnapan-starra mu choinneamh CPO a chleachdadh bha an t-uallach air luchd-obrach gus cùis ullachadh airson CPO, agus cosgaisean laghail ro làimh. Rè an rannsachaidh, bhrosnaich Riaghaltas na h-Alba comhairlean, “…gus beachdachadh air na cumhachdan aca a chleachdadh gu for-ghnìomhach, nuair a tha sin riatanach agus iomchaidh…”.
Dè tha Riaghaltas na h-Alba an dùil a dhèanamh?
Sa Ghiblean 2021, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an ro-innleachd taigheadais fad-ùine aca, Housing to 2040 a bha a’ mìneachadh nan gnìomhan a leanas a dhèanadh Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh ri dachaighean falamh:
- Obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus dachaighean falamh a sgrùdadh agus co-dhùnadh cò an fheadhainn a bu chòir a thoirt air ais gu staid còmhnaidh.
- Cuir taic ri obair Com-pàirteachas nan Dachaighean Falamh agus lean air adhart a’ sgaoileadh na dòigh-obrach air feadh na h-Alba.
- Thoir na cumhachdan a dh’fheumas iad do chomhairlean gus luchd-seilbh a riaghladh agus cosgais iomchaidh a chur orra airson dachaighean a tha falamh agus dèanamh cinnteach gu bheil na dòighean aca gus an toirt air ais gu staid còmhnaidh.
- Cruthaich pasgan taic do luchd-seilbh a tha ann an trioblaid gus an cuideachadh le bhith a’ fuireach san dachaigh aca ma tha sin ceart dhaibh agus gus suidheachadh a sheachnadh far an tèid an taigh bhuaithe agus nach gabh fuireach ann.
- Stèidhich maoin ùr airson ùghdarrasan ionadail airson tagradh a dhèanamh gus dachaighean falamh agus dachaighean a dh’fhaodadh a bhith falamh a thoirt air ais gu staid còmhnaidh agus togalaichean malairteach falamh a thionndadh gu àiteachan còmhnaidh ann am meadhan bhailtean.
Thèid beachdachadh air na planaichean eile às dèidh an sgrùdaidh air dachaighean falamh a thathar an dùil a bhios deiseil ron t-samhradh 2023.
Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd air a ràdh gu bheil iad am beachd reachdas a thoirt a-steach nas fhaide air adhart sa phàrlamaid seo gus reachdas òrdugh ceannaich èigneachail ath-leasachadh. Beachdaichidh iad cuideachd air òrdughan reic èigneachail a thoirt a-steach agus mar a nì iad cinnteach gum biodh iad sin co-chosmhail ris a’ Chùmhnant Eòrpach air Còraichean Daonna. Bheireadh òrdughan den leithid cothrom do chomhairlean iarraidh gun deigheadh dachaighean a bha air a bhith falamh airson ùine neo-iomchaidh a reic ris an tairgse as àirde aig rup poblach.
Dè tha a’ tachairt anns a’ chòrr den RA?
Tha duilgheadas ann an dùthchannan eile na RA le dachaighean falamh cuideachd agus tha poileasaidhean ionann aca cho math ri cuid a tha eadar-dhealaichte.
Mar eisimpleir, ann an Sasainn agus sa Chuimrigh faodaidh comhairlean cìs-chomhairle a bharrachd iarraidh cuideachd airson dachaighean a tha falamh san ùine fhada. Ann an Sasainn, is dòcha gun tèid iarraidh air luchd-pàighidh na cìse-comhairle dà uiread na sùim àbhaistich a phàigheadh às dèidh dà bhliadhna; trì tursan na sùim àbhaistich às dèidh còig; agus ceithir tursan na sùim àbhaistich às dèidh deich bliadhna. Anns a’ Chuimrigh faodaidh comhairlean a dhà uiread ìre na cìse comhairle iarraidh airson dachaighean a tha air a bhith falamh airson bliadhna no nas fhaide, agus èiridh seo gu 300% bhon Ghiblean 2023.
Tha cumhachdan aig comhairlean ann an Sasainn agus sa Chuimrigh cuideachd Òrdughan Riaghlaidh Dhachaighean Falamh a chleachdadh ged a tha e coltach nach eil na cumhachdan sin gan cleachdadh ach ainneamh.
Tha Riaghaltas na Cuimrigh cuideachd, am measg ghnìomhan eile, air maoin a stèidheachadh a chuireas às don chunnart ionmhasail air comhairlean a tha ri gnìomh èigneachaidh agus o chionn ghoirid dh’ainmich iad sgeama tabhartais nàiseanta airson dachaighean falamh do luchd-seilbh dachaigh no daoine a bha gu bhith nan luchd-seilbh dachaigh gus an taigh a thoirt gu staid còmhnaidh.
Kate Berry, Àrd-Neach-Rannsachaidh, SPICe