Tha dùil gun tèid taghadh Pàrlamaid na h-Alba a chumail air Diardaoin 7 Cèitean 2026.
Bidh clàr-ama foirmeil an taghaidh a’ tòiseachadh le sgaoileadh Pàrlamaid na h-Alba. Thig crìoch air an t-seisean còig-bliadhna seo den Phàrlamaid aig 23:59 air Diciadain 8 Giblean 2026 agus tòisichidh an sgaoileadh dìreach às dèidh sin air Diardaoin 9 Giblean 2026.
Ged a chumas Buill orra nam BPAan suas gu latha an sgaoilidh, bidh cuingeadan air cleachdadh cuid de ghoireasan pàrlamaideach, agus cleachdadh an tiotail ‘BPA’, rè na h-ùine ro-thaghaidh nuair a tha a’ Phàrlamaid na fosadh. Canar “ùine na h-iomairt” ris an àm fosaidh ron taghadh agus an sgaoileadh. Bidh a’ mhòr-chuid de chuingeadan an sàs airson na h-ùine seo gu lèir, a’ gabhail a-steach ceann-latha an taghaidh, sin, bho 26 Màrt 2026 gu 7 Cèitean 2026.
Do SPICe, tha seo a’ ciallachadh nach bi sinn a’ foillseachadh dad, no a’ postadh bhon chunntas X againn @SPICe_Research, bho Dhiardaoin 26 Màrt gu Diardaoin 7 Cèitean 2026.
Ach, rè na h-ùine seo, bidh sinn ag obair air raon farsaing de bhrathan ullachaidh, blogaichean, Duilleagan Fiosrachaidh, toraidhean, agus eile mar fhiosrachadh don Phàrlamaid ùir.
Is iad na prìomh rudan air am bu chòir sùil a thoirt, am blog againn air taghadh 2026, Sùil air Taghadh 2026, a thèid fhoillseachadh feasgar Dihaoine 8 Cèitean le sealladh farsaing air toraidhean an taghaidh.
Thèid Brath-ullachaidh SPICe airson Taghadh 2026 fhoillseachadh an Dimàirt às dèidh sin le anailis mhionaideach air toraidhean an taghaidh. Thig seo a-mach an cois an fhoillseachaidh againn “Prìomh Chùisean airson Seisean 7”, a tha a’ mìneachadh raon de dhùbhlain agus cothroman airson an t-seachdamh seisein den Phàrlamaid.
Anns na seachdainean às dèidh sin, bidh sinn a’ foillseachadh sreath bhlogaichean gus an suidheachadh a chur an cèill airson toiseach gnothaichean Seisein 7. Tha seo a’ toirt a-steach susbaint air mar a thèid Oifigear Riaghlaidh ùr a thaghadh agus mar a thèid tagraiche airson a’ Phrìomh Mhinisteir a thaghadh.
Tha sinn cuideachd ag obair air raon farsaing de “phròifilean cuspair” – sgrùdadh domhainn poileasaidh nas mionaidiche air gach raon cuspair tiomnaichte.
Mu dheireadh, taing dhan a h-uile duine a leugh agus a sgaoil brathan-ullachaidh, blogaichean agus eile bho SPICe rè Seisein 6.
Emma Robinson, SPICe.
