Ro-ràdh
Mar thoradh air gnìomhachd co-cheangailte ris na h-eileanan anns an t-seisean pàrlamaid mu dheireadh thàinig Achd nan Eilean agus a’ chiad Phlana Nàiseanta nan Eilean gu bith. Is e prìomh amas nan oidhirpean sin aghaidh a chur air crìonadh sluaigh agus “dèanamh cinnteach à pròifil sluaigh fallain, cothromach” feadh eileanan na h-Alba. An t-seachdain seo thèid an dàrna aithisg bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean fhoillseachadh, agus nas fhaide am-bliadhna thig an aithisg adhartais ceithir-bliadhna air Achd nan Eilean a-mach. Thairis air an t-seisean pàrlamaid seo, nì Comataidh nan Cùisean Dùthchail, nan Eilean agus na h-Àrainneachd Nàdarra sgrùdadh air èifeachdas nam poileasaidhean air eileanan aig Riaghaltas na h-Alba.
Tha luchd-staitistig aig Clàran Nàiseanta na h-Alba a’ ro-innse lùghdachadh sluaigh airson ùghdarrasan ionadail eileanach na h-Alba air fad thairis air an ath 20 bliadhna. Ach, tha am post bloga seo a’ cuimseachadh air an dà dheichead a dh’fhalbh agus a’ sealltainn gu bheil crìonadh sluaigh gu ruige seo air tachairt ann an cuid de dh’eileanan ach nach eil sin fìor annta uile.
Facal air an dàta…
Tha an dàta sa bhlog seo stèidhichte air dà thùs:
- dàta bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a tha a’ comharrachadh sgìrean beaga eileanach ris an canar sònaichean dàta
- Measaidhean Àireamh-sluaigh Sgìrean Beaga bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba (NRS) a tha a’ toirt seachad tuairmsean àireamh-sluaigh airson nan sònaichean dàta seo.
Is e tuairmsean a th’ anns an dàta àireamh-sluaigh, agus mar sin tha cuid de chunnartan ann air am bu chòir dhuinn a bhith mothachail. Tha na figearan sa bhlog seo stèidhichte air breith, bàs, agus imrich. Ged a tha dàta breith is bàis stèidhichte air an t-siostam clàraidh catharra èigneachail – air a ruith leis an NRS agus na h-Oifisean Clàraidh Ionadail – tha dàta imrich nas toinnte. Chan eil siostam coileanta ann a bhios a’ clàradh imrich san RA, an dà chuid imrich bhon chòrr den t-saoghal no imrich taobh a-staigh na RA. Air an adhbhar sin, tha an dàta, sa mhòr-chuid stèidhichte air dàta Suirbhidh Luchd-siubhail Eadar-nàiseanta airson imrich eadar-nàiseanta, agus dàta NHS (Clàr Meadhain na Seirbheis Slàinte Nàiseanta agus Clàr Slàinte Coimhearsnachd (CHI)), airson ghluasadan taobh a-staigh na RA.
Dè tha air tachairt bho 2001?
Tha tuairmsean àireamh-sluaigh a’ sealltainn gu robh 2,800 a bharrachd dhaoine a’ fuireach ann an eileanan na h-Alba ann an 2020 na bha ann an 2001, àrdachadh de 2.6% thar na h-ùine sin. Ach, aig an aon àm, dh’fhàs àireamh-sluaigh na h-Alba san fharsaingeachd aig ìre gu math nas luaithe de 7.9%. Thachair mòran den fhàs seo air tìr-mòr anns a’ chrios mheadhain, agus ann an sgìrean Obar Dheathain, Siorrachd Obar Dheathain agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Thachair a’ mhòr-chuid den fhàs ann an àireamh-sluaigh eileanan na h-Alba bho 2001 ann an sgìrean comhairle Arcaibh, na Gàidhealtachd agus Sealtainn. Air an làimh eile, chunnaic coimhearsnachdan eileanach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus ann an Siorrachd Àir a Tuath, lùghdachadh mòr air an àireamh-sluaigh aca. Tha àireamh-sluaigh nan Eileanan an Iar – an t-ùghdarras ionadail as motha anns nach eil ach eileanan a-mhàin – cha mhòr co-ionann ris na bha e ann an 2001.

Dè na h-eileanan a chunnaic na h-atharrachaidhean as cudromaiche?
Tha dàta ri fhaighinn airson eileanan fa-leth, sgìrean taobh a-staigh eileanan no buidhnean eileanach, agus leigidh seo leinn atharraichean sluaigh fhaicinn aig ìre gu math ionadail. Tha an clàr a leanas a’ sealltainn gum faca cha mhòr a h-uile sòn dàta eileanach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd lùghdachadh san àireamh-sluaigh thar an 20 bliadhna a dh’fhalbh, leis an lùghdachadh as miosa ann an Eilean Bhòid. Air an làimh eile, chunnaic cha mhòr a h-uile sòn dàta eileanach ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd – gu sònraichte sgìrean san Eilean Sgitheanach – àrdachadh san àireamh-sluaigh. Tha na h-àrdachaidhean as iongantaiche air a bhith ann bho thoiseach na linne ann an sgìrean Tìr-mòr an Ear agus an Iar ann an Arcaibh, agus ann an sgìrean Loch a Tuath agus an Rubha ann an Leòdhas anns na h-Eileanan Siar.

Pròifil aoise eileanan na h-Alba
Tha àireamh-sluaigh eileanan na h-Alba, ionann ris a’ chòrr de dh’Alba, air fàs pìos math nas sine thar nam 20 bliadhna a dh’fhalbh. Chaidh a’ bhuidheann de dhaoine aois 65 agus nas sine air eileanan na h-Alba an-àirde bho 18% ann an 2001 gu 26% ann an 2020, agus chaidh a’ bhuidheann de shluagh nan eilean fo aois 25 sìos bho 28% gu 24%.

Tha a’ mhòr-chuid de dhaoine a tha a’ fuireach ann an eileanan na h-Alba a-nis anns a’ bhuidhinn aoise nas sine na 45. Chan eil seo fìor airson tìr-mòr na h-Alba, far a bheil a’ bhuidheann aois fo-45 fhathast sa mhòr-chuid (ach dìreach air èiginn). Gun teagamh, chan e droch rud a th’ ann gu bheil daoine beò nas fhaide; ach, faodaidh sluagh a tha a’ fàs nas sine cuideam a chur air cuid de sheirbheisean poblach, agus bagairt air seasmhachd choimhearsnachdan san fhad-ùine ma tha gainnead theaghlaichean òga, inbhich òga agus clann annta.

Mar a tha Plana Nàiseanta nan Eilean ag ràdh (faic td 18), thathas an dùil gum faic mòran de dh’eileanan na h-Alba lùghdachadh mòr anns an àireamh cloinne agus dhaoine aig aois obrach a tha a’ fuireach annta. Tha e a’ toirt iomradh air eisimpleir Chomhairle nan Eilean Siar, a dh’fhaodadh crìonadh de 20% fhaicinn san àireamh-sluaigh aig aois obrach agus an aon ìre de chrìonadh anns a’ bhuidheann de chlann thairis air an ath 20 bliadhna.
Co-dhùnadh
B’ e aon de na prìomh eacarsaich ann an cruinneachadh fiosrachaidh o chionn beagan bhliadhnaichean coimiseanadh Suirbhidh Plana Nàiseanta nan Eilean ann an 2020. Chruinnich seo fiosrachadh mu bheachdan agus eòlas dhaoine air beatha eileanach agus chaidh a chrìochnachadh le 4,347 neach air 59 eileanan. Is e aon de cho-dhùnaidhean soilleir an t-suirbhidh gum faod eòlas beatha eileanach a bhith gu math eadar-dhealaichte a rèir dè a’ bhuidheann eileanach a th’ ann; cha bu chòir dèiligeadh ri eileanan na h-Alba mar aon shluagh aona-ghnèitheach. Tha seo fìor cuideachd nuair a choimheadas sinn air crìonadh sluaigh thairis air an fhichead bliadhna a dh’fhalbh, le cuid de choimhearsnachdan eileanach a’ fàs agus cuid eile air crìonadh mòr fhaicinn san àireimh luchd-còmhnaidh.
Ag aithneachadh seo, tha aithisg bhliadhnail Riaghaltas na h-Alba air Plana nan Eilean a chaidh fhoillseachadh an-diugh a’ soilleireachadh obair le Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean (CoHI) a’ rannsachadh ghnìomhan agus iomairtean gus dèiligeadh ri dìth sluaigh san sgìre, gu sònraichte anns na sgìrean ùghdarrasan ionadail a tha air an ainmeachadh sa bhloga seo.
Greig Liddell agus Anndra Aiton, rannsachadh SPICe, Màrt 2022
Dealbh: Pixabay