Ùine leughaidh: 6 mionaidean
Tha am blog seo a’ beachdachadh air an àireimh de dhàrna dachaighean ann an Alba agus na ceumannan poileasaidh a bheir buaidh orra.
Mar as trice tha dàrna dachaighean air am mìneachadh mar dhachaigh nach e prìomh àite-còmhnaidh an neach-seilbh. Tha mar a tha dàrna dachaighean air an cleachdadh, agus dè cho fada, ag atharrachadh. Tha cuid de dhaoine nach bi a’ fuireach san dàrna dachaigh aca tric agus cuid eile a bhios gan cleachdadh gu cunbhalach mar thaigh saor-làithean air mhàl no airson màl prìobhaideach fad-ùine.
Cia mheud dàrna dachaigh a tha ann an Alba?
Bithear a’ cleachdadh dàta cìs comhairle mar as trice gus an àireamh de dhàrna dachaighean obrachadh a-mach. Anns a’ cho-theacsa seo, is e dàrna dachaigh togalach nach eil na phrìomh àite-còmhnaidh aig duine sam bith ach tha àirneis ann agus tha cuideigin a’ fuireach ann airson co-dhiù 25 latha ann an ùine dusan mìos sam bith. Ach, cha bhi seo a’ toirt a-steach dàrna dachaighean sam bith a thathas a’ cur a-mach air màl saor-làithean a tha air an seòrsachadh mar ghnìomhachasan, agus mar sin a’ pàigheadh reataichean neo-dhachaigheil seach a’ chìs chomhairle. Cha bhi e a-bharrachd a’ toirt a-steach dàrna dachaigh a tha air mhàl do dhaoine eile airson còmhnaidh fad-ùine.
Tha staitistig cìs comhairle a’ sealltainn gun robh 23,890 dàrna dachaigh ann an Alba san t-Sultain 2021. Uile gu lèir, tha seo na chuibhreann ìosal, 1%, de dhachaighean na h-Alba air fad.Ach tha eadar-dhealachaidhean mòra thar sgìrean comhairle le dùmhlachd de dhàrna dachaighean soilleir ann an sgìrean dùthchail (faic gu h-ìosal). Tha mu 6% de dhachaighean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus anns na h-Eileanan Siar, 4% ann an Arcaibh agus 3% ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd nan dàrna dachaighean. Agus taobh a-staigh nan sgìrean comhairle sin tha coltas ann gum bi dùmhlachd de dhàrna dachaighean mòran nas àirde ann an cuid de choimhearsnachdan, mar eisimpleir, ann am pàirtean de Bhàideanach agus Srath Spè is Srath Dhè, tha a’ chuibhreann de dhàrna dachaighean nas àirde na 20% agus ann an Arainn tha mu 25% de dhachaighean ann an sealbh phrìobhaideach nan dàrna dachaighean.

Buaidh dàrna dachaighean
Leis na diofar chleachdaidhean a th’ aig dàrna dachaighean agus an dùmhlachd cruinn-eòlasach, chan eil e na iongnadh gu bheil rannsachadh air comharrachadh gu bheil buaidh dàrna dachaighean air coimhearsnachdan ionadail iom-fhillte agus ioma-thaobhach.
Tha dragh ann gum faodadh àireamh àrd de dhàrna dachaighean prìsean thaighean a chur an-àirde, a’ lùghdachadh solar taigheadais do mhuinntir an àite. Faodaidh gainnead thaighean aig prìs ruigsinneach buaidh a thoirt air gnìomhachasan ionadail a tha ag iarraidh luchd-obrach a thàladh dhan sgìre.
Ma thèid dàrna dachaighean fhàgail falamh airson a’ mhòr-chuid den ùine, dh’fhaodadh droch bhuaidh a bhith ann air còmhlachas agus seasmhachd choimhearsnachdan ionadail.
Air an làimh eile, dh’fhaodadh gum biodh buannachdan ann bho dhàrna dachaighean. Tha luchd-seilbh dàrna dachaigh buailteach a bhith nas beairtiche na daoine aig nach eil dàrna dachaigh agus ma chosgas iad airgead gu cunbhalach san sgìre dh’fhaodadh seo a bhith na bhuannachd do ghnìomhachasan ionadail. Faodaidh dàrna dachaighean a thathas a’ cleachdadh airson gabhaltasan shaor-làithean a bhith deatamach cuideachd gus taic a thoirt do eaconamaidh turasachd ionadail.
Cho-dhùin ath-sgrùdadh air fianais mu dhàrna dachaighean a chaidh a choimiseanadh le Riaghaltas na Cuimrigh gun robh e duilich a bhith mionaideach mu cho farsaing ’s a bha buaidh dàrna dachaighean air margaidhean taigheadais sa Chuimrigh. Bha e ag argamaid gu bheil seo “fhathast gu ìre mhòr feumach air breithneachadh, agus is dòcha gum biodh e na b’ fheàrr sin a dhèanamh aig ìre ionadail (coimhearsnachd).
Mar an ceudna, cho-dhùin an sgrùdadh nach eil mòran fianais ann an-dràsta air èifeachdas diofar eadar-theachdan poileasaidh a thaobh iarrtas airson dàrna dachaigh.
Poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba air dàrna dachaighean
Riaghaltas na h-Alba air raon de phoileasaidhean a chur an gnìomh gus solar thaighean aig prìs ruigsinneach a neartachadh, agus air feuchainn ri casg a chur air ceannach dàrna dachaighean tro chìsean agus riaghladh. Tha sùbailteachd aig comhairlean a thaobh mar a tha cuid de na poileasaidhean sin air an cur an gnìomh.
Faodaidh comhairlean lasachadh cìs comhairle eadar 10% agus 50% a thoirt do dhàrna dachaighean. Bhon Ghiblean 2017, tha comhairlean cuideachd air a bhith ceadaichte roghnachadh gun lasachadh sam bith a chur an sàs. Feumaidh lasachadh 50% a bhith air àiteachan-còmhnaidh co-cheangailte ri obair agus taighean saor-làithean a chaidh a thogail a dh’aona ghnothach.
Airson 2022-23, tha 25 de na 32 comhairlean air cur às don lasachadh cìs comhairle airson dàrna dachaighean, tha 6 comhairle air lasachadh 10% a chumail agus tha poileasaidh caochlaideach aig aon. Tha a h-uile comhairle leis a’ chuibhreann as àirde de dhàrna dachaighean air cur às don lasachadh, agus tha poileasaidh caochlaideach aig Comhairle Eileanan Arcaibh.
Feumaidh comhairlean an teachd a-steach a gheibhear bho lùghdachadh an lasachaidh eadar 50% agus 10% a chleachdadh airson adhbharan taigheadais aig prìs ruigsinneach. Chan eil cuingeadan air teachd-a-steach a bharrachd sam bith a gheibhear tro bhith a’ lùghdachadh an lasachaidh air dàrna dachaighean fo 10%. Ann an 2020-21, fhuair comhairlean timcheall air £21m de theachd a-steach bhon chìs chomhairle bho bhith a’ lùghdachadh lasachaidhean air dàrna dachaighean.
Anns a’ Chuimrigh, faodaidh comhairlean suim a bharrachd de chìs chomhairle (‘àrd-chìs) de suas gu 100% den chìs chomhairle àbhaisteach iarraidh air dàrna dachaighean. Bidh seo ag èirigh gu 300% aig a’ char as àirde bhon Ghiblean 2023.
Ann an Sasainn, tha planaichean ann cuideachd gus leigeil le comhairlean àrd-chìs comhairle suas gu 100% iarraidh air dàrna dachaighean. Bhiodh feum air atharrachadh reachdail airson a leithid de phoileasaidh a chur an gnìomh ann an Alba.
Ma tha dàrna dachaigh ri fhaighinn mar ghabhaltas shaor-làithean airson 140 latha no barrachd is dòcha gum feum an sealbhadair reataichean neo-dachaigheil a phàigheadh an àite cìs comhairle. B’ àbhaist cuid de luchd-seilbh dàrna dachaigh a bha a’ cur an dachaighean a-mach air mhàl faochadh iarraidh bho reataichean ghnìomhachasan beaga, a’ ciallachadh gum faodadh nach robh iad a’ pàigheadh cìs sam bith, eadhon ged nach deach an togalach a chur a-mach air mhàl idir aig a’ cheann thall. Tha Riaghaltas na h-Alba air a’ bheàrn seo a dhùnadh. Bhon Ghiblean 2022, feumar àite-fuirich saor-làithean a chur a-mach air mhàl airson co-dhiù 70 latha sa bhliadhna ionmhais.
Chaidh atharrachaidhean coltach ri seo a dhèanamh sa Chuimrigh agus thèid an dèanamh ann an Sasainn (bhon Ghiblean 2023). Anns a’ Chuimrigh, thèid na stairsnich sin a leudachadh nas fhaide bhon Ghiblean 2023. Gus a bhith buailteach do reataichean neo-dachaigheil, feumaidh gabhaltasan shaor-làithean a bhith rim faighinn airson màl airson co-dhiù 252 latha, agus air an cur a-mach air mhàl dha rìreabh airson co-dhiù 182 latha, ann an ùine 12 mìosan sam bith.
Cìs Malairt Fearainn is Thogalaichean a bharrachd
Feumaidh daoine a cheannaicheas togalaichean còmhnaidh a bharrachd a bhith a’ pàigheadh Leasachadh Taigh-còmhnaidh a Bharrachd, 4% a bharrachd air prìs ceannaich iomlan thogalaichean a chosgas còrr air £40,000. Cha bhi a h-uile duine a phàigheas an leasachadh taigh-còmhnaidh a bharrachd a’ cleachdadh an togalaich mar dhàrna dachaigh, mar eisimpleir, bidh cuid de dhaoine a’ ceannach togalach a bharrachd a dh’aon ghnothach gus a chur air mhàl do neach-gabhail san fhad-ùine.
Riaghladh ghabhaltasan geàrr-ùine
Feumaidh cead a bhith aig a h-uile gabhaltas geàrr-ùine ann an Alba ro 1 Iuchar 2024 airson obrachadh. Bidh cumhachdan aig comhairlean cuideachd, le cead bho Riaghaltas na h-Alba, raointean smachd air gabhaltas geàrr-ùine a thoirt a-steach far am bi feum air cead-dealbhachaidh mar as trice mus faodar taigh-còmhnaidh a chleachdadh mar ghabhaltas geàrr-ùine.
Chan eil gealltanas, ged-thà, gun lùghdaich ceadachd na h-àireamhan de ghabhaltasan geàrr-ùine. Tha toirt a-steach raointean smachd, air a bheil cuid de chomhairlean a’ beachdachadh, nas dualtaiche an àireamh de ghabhaltasan geàrr-ùine a lùghdachadh. B’ i Comhairle Baile Dhùn Èideann o chionn ghoirid a’ chiad chomhairle a dh’aontaich raon smachd air gabhaltasan geàrr-ùine – buinidh seo don bhaile air fad. Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd air moladh gum bi sgìre uàrd na comhairle ann am Bàideanach is Srath Spè na raon smachd air gabhaltasan geàrr-ùine.
An gabh ceannach no sealbh dàrna dachaigh a chuingealachadh?
Tha cead aig daoine a tha a’ reic dhachaighean air a’ mhargaidh fhosgailte taghadh cò dha a reiceas iad.
Ann am beagan shuidheachaidhean, dh’fhaodadh gum bi cumha san tiotal togalaich a bheir buaidh air mar as urrainn do shealbhadairean reic. Mar eisimpleir, faodaidh ‘buidhnean taigheadais dùthchail’ eallach taigheadais dùthchail a chleachdadh (tro bhith a’ cur clàs a-steach do chumhachan tiotal seilbh) gus lasachadh prìs a thoirt seachad airson buannachd na coimhearsnachd ionadail.
Tha cumhachdan aig comhairlean cuideachd mar ùghdarrasan dealbhaidh, a’ cleachdadh cumhachan dealbhaidh no ‘aontaidhean earrainn 75’, gus cleachdadh an fhearainn a chuingealachadh agus/no gnìomhan air fearann a thathar a’ leasachadh a riaghladh. Ach, tha Stiùireadh Dealbhaidh Riaghaltas na h-Alba ag ràdh (faic paragrafan 49 gu 51), ), gum faod seo “a bhith sàrachail, trom air stòras, doirbh a sgrùdadh agus a chur an gnìomh agus gun toir iad a-steach uallaichean no cuingeadan gun adhbhar” agus tha iad a’ comhairleachadh gum bu chòir an cleachdadh san fharsaingeachd a sheachnadh.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air sgeama pìleit ùr a stèidheachadh o chionn ghoirid a’ brosnachadh luchd-seilbh thogalaichean a bhith a’ reic gu dìreach don chomhairle. Thòisich a’ chomhairle air an sgeama às dèidh do ghrunn luchd-seilbh dachaigh tighinn thuca a bh’ air taigh fhaighinn bho am pàrantan agus a bha airson a chumail sa choimhearsnachd.
Planaichean Riaghaltas na h-Alba
Ged a tha raon de cheumannan poileasaidh ann mu thràth gus dèiligeadh ri cùis dàrna dachaighean, tha trioblaidean ann fhathast.
Anns a’ phàipear poileasaidh taigheadais fad-ùine aca, Housing to 2040, tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun toir iad, “cumhachd do na h-ùghdarrasan ionadail gu lèir na h-àireamhan de dhàrna dachaighean a riaghladh far a bheil iad a’ faicinn seo mar dhuilgheadas san sgìre aca.”
A bharrachd air sin, tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd ag ath-sgrùdadh an àite a th’ aig cìsean ann a bhith a’ toirt taic don lèirsinn aca airson dachaighean agus coimhearsnachdan ùra agus làithreach.
Ged a tha obair a’ dol air adhart, chan eil e soilleir fhathast dè na molaidhean sònraichte a dh’fhaodadh tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.
Kate Berry, Àrd-neach-rannsachaidh
SPICe
Tha “Les maisons d’Inveraray, Earra-Ghàidheal is Bòd, Ecosse, Grande-Bretagne, Royaume-Uni.” le byb64 air a cheadachadh fo CC BY-NC-SA 2.0.