Decorative

Gàidhlig agus Scots ann an Alba: Dè tha an cunntas-sluaigh ag innse dhuinn?

Reading Time: 7 minutes

Chaidh dàta cunntas-sluaigh 2022 air cleachdadh Scots is Gàidhlig a ghabhail a-steach san fhoillseachadh a’ còmhdach “creideamh, buidheann cinnidh, cànan agus fèin-aithne nàiseanta”. Chaidh am fiosrachadh seo a sgaoileadh air 21 Cèitean 2024.

Tha a’ Phàrlamaid an-dràsta a’ beachdachadh air Bile nan Cànan Albannach a tha ag amas air an taic don Ghàidhlig agus Scots a leasachadh.  Mar sin tha an dàta ùr seo bhon Chunntas-shluaigh a’ nochdadh aig deagh àm.

Mu dheidhinn an dàta

’S e Cunntas-sluaigh na h-Alba an cunntas oifigeil de gach neach agus dachaigh anns an dùthaich. Tha e ag innse fiosrachadh deamografach mionaideach mun dùthaich aig àm a’ Chunntais-shluaigh. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air an duilleig Dè th’ anns a’ Chunntas-shluaigh? air làrach-lìn Cunntas-sluaigh na h-Alba. Tha an dàta a chaidh a chleachdadh ri fhaighinn aig deireadh a’ bhlog seo.

Dè tha an dàta ag innse dhuinn?

Airson Scots agus Gàidhlig, tha àrdachadh air a thighinn air an àireimh dhaoine le sgilean sa chànan, biodh e leughadh, sgrìobhadh, bruidhinn no èisteachd. Seallaidh an còrr den bhlog air toraidhean cunntais-shluaigh 2022 agus cuid de na h-atharrachaidhean bho 2011.

Thàinig àrdachadh sa cho-roinn de dhaoine ann an Alba a thuirt gu robh sgilean aca ann an Gàidhlig agus Scots eadar 2011 agus 2022.

  • Chaidh Gàidhlig an-àirde bho 1.7% gu 2.5%
  • Chaidh Scots an-àirde bho 37.7% gu 46.2%

Ann an 2011 bha 1.9 millean neach le sgilean ann an Scots, agus bha seo air a dhol an-àirde gu 2.4 millean ann an 2022. Airson na Gàidhlig, bha 87,000 neach le sgilean Gàidhlig ann an 2011, agus bha seo air a dhol an-àirde gu 130,000 ann an 2022.

Chan eil na cànanan air àrdachadh co-ionann fhaicinn air feadh na dùthcha, a rèir buidheann aoise, no a rèir sgil cànain.

Tha dàta a’ chunntais-shluaigh ag innse dhuinn mu na h-àireamhan de dhaoine aig a bheil sgilean anns na cànanan sin, agus is e seata dàta cudromach a th’ ann.  Ach, chan e àireamh luchd-labhairt cànain an aon tomhas air neart cànain.  Mar eisimpleir, chan eil e ag innse dhuinn mu fhileantachd luchd-cleachdaidh, dè cho tric ’s a bhios an cànan ga cleachdadh, no dè na diofar shuidheachaidhean ’s a bheileas a’ cleachdadh a’ chànain (m.e. anns na bùthan, am measg charaidean, ann am foghlam, aig an obair).

Seall cò tha a’ bruidhinn

Ann an 2011 agus 2022, dh’iarr an Cunntas-sluaigh air luchd-freagairt innse an robh sgilean sam bith aca ann an Gàidhlig agus Scots. Tha an Cunntas-sluaigh a’ cleachdadh an t-seòrsachaidh a leanas airson comas dhaoine a chlàradh anns na cànanan:

Tha àrdachadh mòr air a thighinn air an àireimh dhaoine a tha ag ràdh gun urrainn dhaibh Scots agus Gàidhlig “a thuigsinn ach nach urrainn dhaibh a bruidhinn, a leughadh no a sgrìobhadh”. Is e sin a-nis an comas as cumanta dhaibhsan aig a bheil sgilean Gàidhlig sam bith.

Ann an 2011, airson Scots agus Gàidhlig, bha an fheadhainn a b’ urrainn an cànan a bhruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh a’ riochdachadh na h-àireimh as àirde de dhaoine, 1.2 millean agus 32,000 fa leth. Ro 2022, bha a’ Ghàidhlig air a dhol an-àirde 12,000 gu 44,000. Ach, thuirt 50,000 nas lugha de dhaoine gun robh iad comasach air Scots a bhruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh.

Bha an t-àrdachadh as motha eadar 2011 agus 2022 airson Scots agus Gàidhlig anns an fheadhainn a thuigeas ach nach eil a’ bruidhinn, a’ leughadh, no a’ sgrìobhadh a’ chànain. Ann an 2011, bha an dàrna àireamh dhaoine as motha airson an dà chànain san roinn seo. Chunnaic Scots àrdachadh de mu 450,000 neach, a’ ciallachadh ann an 2022 gun tuirt beagan a bharrachd air 720,000 neach gu bheil iad a’ tuigsinn ach nach eil iad a’ bruidhinn, a’ leughadh no a’ sgrìobhadh Scots. Airson na Gàidhlig, ann an 2011, thuirt 23,000 gun robh iad a’ tuigsinn ach nach robh iad a’ leughadh, a’ sgrìobhadh, no a’ bruidhinn a’ chànain; chaidh seo an-àirde gu 46,000 ann an 2022.

Ann an 2022, thuirt beagan nas lugha na an dàrna leth den fheadhainn a dh’aithris sgilean ann an Scots gum b’ urrainn dhaibh Scots a leughadh, a sgrìobhadh agus a bhruidhinn. Mheudaich a’ cho-roinn de dhaoine a dh’aithris sgilean ann an Scots a thuirt gu robh iad comasach air a’ chànan a thuigsinn ach nach b’ urrainn dhaibh a leughadh, a sgrìobhadh, no a bhruidhinn bho 15% gu 30% eadar 2011 agus 2022.

Mheudaich an uiread a thuigeas, ach nach eil a’ leughadh, a’ sgrìobhadh no a’ bruidhinn Gàidhlig 23,000 gu 46,000. ’S e tuigsinn na Gàidhlig a-nis an roinn comais as motha airson a’ chànain, ag èirigh bho 27% gu 36%. Tha an fheadhainn as urrainn Gàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh agus a bhruidhinn a’ dèanamh suas mu 34% de na daoine uile a dh’aithris gu robh sgilean aca sa Ghàidhlig ann an 2022, a’ tuiteam bho 37% ann an 2011.

Prìomh chànan

Dh’fhaighnich cunntas-sluaigh 2022 do luchd-freagairt dè am prìomh chànan a bh’ aca.  B’ urrainn do luchd-freagairt Beurla a thaghadh no cànan sam bith eile a ràdh. Sheall seo gun robh Scots na prìomh chànan aig 0.3% de dhaoine nas sine na dà bhliadhna, agus thuirt 0.1% gur b’ i a’  Ghàidhlig a’ phrìomh chànan aca.

Cha do dh’fhaighnich cunntas-sluaigh 2011 an aon cheist; an àite sin dh’fhaighnich e an robh cànan seach Beurla air a chleachdadh san dachaigh. Sheall seo gun robh 1.1% de dhaoine nas sine na dà bhliadhna a’ cleachdadh Scots, agus 0.5% a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an taigh.

Càite as cumanta na cànanan?

Mar a chithear, ’s ann an roinn Pàrlamaid na Gàidhealtachd is nan Eilean a tha an àireamh sa cheud as àirde le sgilean Gàidhlig, le sgilean Gàidhlig aig 9%. Tha Scots air a sgaoileadh air feadh na dùthcha gu lèir ann an dòigh nas cunbhalaiche. Tha a’ chairt a leanas a’ sealltainn na co-roinn de dhaoine le sgilean cànain a rèir raon toraidh a’ chunntais-shluaigh.

Is ann air taobh siar na h-Alba, gu h-àraidh na h-Eileanan Siar, as cumanta sgilean Gàidhlig. Tha Scots air a sgaoileadh air feadh na dùthcha ach is ann san Ear-thuath as cumanta i.

Tha a’ chairt a leanas a’ sealltainn na co-roinn de dhaoine anns gach sgìre-taghaidh aig Pàrlamaid na h-Alba le sgilean ann an Gàidhlig no Scots air a bhriseadh sìos a rèir roinn-pàrlamaid.

Tha a’ cho-roinn as àirde de dhaoine le sgilean Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar le 57%. Tha a’ cho-roinn as àirde de dhaoine le sgilean Scots ann an Siorrachd Bhanbh agus Costa Bhuchan le 72%.

Gàidhlig – Tha a’ cho-roinn as àirde de dhaoine le sgilean Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar le 57%. ’S e an t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach an ath sgìre as àirde le 12%. Taobh a-muigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean tha a’ cho-roinn as àirde ann an Taobh a Deas Ghlaschu agus Siorrachd Bhanbh agus Costa Bhuchan le beagan nas lugha na 4%.

Scots – Tha a’ cho-roinn as àirde de dhaoine le sgilean Scots ann an Siorrachd Bhanbh agus Costa Bhuchan le 72%. Tha a’ cho-roinn as ìsle ann an Dùn Èideann Meadhain le 28%. ’S ann ann an roinn na Gàidhealtachd ’s nan Eileanan a tha a’ cho-roinn as ìsle den fheadhainn le sgilean Scots, ach tha sgaradh inntinneach ann nuair a thathar a’ coimhead air na sgìrean-taghaidh. Tha ìre nas àirde ann an Sealtainn, Arcaibh agus Moireibh na an àireamh nàiseanta, agus tha co-roinn nas ìsle na an àireamh nàiseanta anns a’ chòrr de na sgìrean-taghaidh.

Mar a chithear is ann as cumanta a’ Ghàidhlig ann an roinn-pàrlamaid na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Ach, cha robh mòran atharrachaidh anns an àireimh dhaoine le sgilean Gàidhlig eadar 2011 agus 2022, ag èirigh bho beagan a bharrachd air 39,000 gu beagan nas lugha na 40,000. Dh’aithris Glaschu an dàrna àireamh as àirde de dhaoine le sgilean Gàidhlig ann an 2022, le beagan nas lugha na 19,000, àrdachadh de 9,000 bho 2011. Chunnaic an Ear-thuath am fàs as àirde san àireimh dhaoine le sgilean Gàidhlig, le àrdachadh de 10,000 eadar 2011 agus 2022 gu 17,500.

Tha Scots air a sgaoileadh air feadh na dùthcha ann an dòigh nas cunbhalaiche. Dh’aithris an Ear-thuath an àireamh as àirde de dhaoine le sgilean Scots ann an 2011 agus 2022, 350,000 agus 420,000 fa leth. Bha an àireamh a b’ ìsle ann an roinn na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean ann an 2011 agus 2022 aig 160,000 agus 190,000. Chunnaic Meadhan na h-Alba am fàs as àirde anns an àireimh dhaoine le sgilean Scots eadar 2011 agus 2022, ag èirigh 90,000 gu 310,000.

A’ fàs nas sine no nas òige?

Tha Cunntas-sluaigh 2022 a’ sealltainn gur e na buidhnean aoise leis an àireimh as àirde de sgilean ann an Scots no Gàidhlig daoine a tha 35 agus nas sine. Airson na Gàidhlig chan eil mòran eadar-dhealachaidh eadar na buidhnean aoise 35 gu 49, 50 gu 64 agus nas sine na 64, aig no timcheall air 25,000 le sgilean sa chànan anns gach buidheann aoise. Airson Scots, tha beagan a bharrachd air 600,000, no cairteal, anns a’ bhuidhinn aoise 50 gu 64.

Sheall Cunntas-sluaigh 2011 gun robh a’ cho-roinn den fheadhainn le sgilean ann an Scots no Gàidhlig fo aois 50 co-chosmhail, 58% agus 57% fa leth. Ach, tha Cunntas 2022 a’ sealltainn gun deach seo sìos gu 53% airson Scots agus suas gu 62% airson na Gàidhlig. Is e an ath bhuidheann as àirde daoine aois 65 agus nas sine, a’ dèanamh suas 550,000, no 23%. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil beagan nas lugha na dàrna leth den fheadhainn aig a bheil sgil sam bith ann an Scots aois 50 no nas sine.

Tha Scots air àrdachadh nas motha fhaicinn dhaibhsan aig a bheil sgilean san t-sluagh as sine fhad ’s a tha àrdachadh nas motha air a bhith san t-sluagh as òige airson na Gàidhlig.

Nuair a sheallas sinn air atharrachaidhean air mar a fhreagair daoine ceistean mu na cànanan sin eadar Cunntasan-sluaigh 2011 agus 2022, chì sinn gun tàinig am fàs as motha sa Ghàidhlig ann an daoine aig aois sgoile, le àrdachadh de 11,200 anns an àireimh dhaoine aois 3 gu 15 le sgil sam bith sa chànan. Bha an dàrna àrdachadh as motha airson dhaoine aois 25 gu 34, a’ dol an-àirde 8,000. Airson Scots, tha na h-àrdachaidhean as motha air a thighinn anns na buidhnean aoise 50 agus nas sine, leis a’ bhuidhinn aoise 50 gu 64 a’ dol an-àirde 166,000 agus a’ bhuidheann aoise 65 agus nas sine a’ dol an-àirde 185,000, a tha nas motha na an t-àrdachadh airson a h-uile duine aois 3 gu 49.

Tha na h-àrdachaidhean seo a’ ciallachadh gu bheil a’ cho-roinn airson na Gàidhlig den fheadhainn fo aois 50 le sgil sa chànan air a dhol suas agus airson Scots air a dhol sìos. Dh’fhaodar seo a mhìneachadh leis an àrdachadh ann an solar foghlam Gàidhlig agus ann an ionnsachadh neo-eisimeileach, leithid tro ghoireasan air-loidhne.

Ged a tha a’ cho-roinn den fheadhainn le sgilean Gàidhlig fo aois 50 air a dhol suas, tha i air a dhol sìos airson Scots.

Anndra Aiton and Ned Sharratt, SPICe