Ùine leughaidh: 5 mionaidean
This is a Gaelic translation of our recent blog SPICe FAQ – Gaelic road signs.
Bidh SPICe gu tric a’ faighinn cheistean mu shoidhnichean rathaid dà-chànanach. Tha am blog seo a’ dèiligeadh ri cuid de na ceistean as cumanta a gheibhear, agus is iad sin na riaghailtean agus na cosgaisean co-cheangailte ri bhith gan toirt a-steach.
Cò a gheibh buannachd bho shoidhnichean rathaid dà-chànanach?
Tha dàta Cunntas-sluaigh 2011 a’ sealltainn gu bheil timcheall air 1.7% de shluagh na h-Alba, timcheall air 87,100 neach, le cuid de sgilean cànain Gàidhlig (a’ toirt a-steach 32,400 neach le làn sgilean ann an Gàidhlig), agus gu bheil 49% de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach ann an sgìrean comhairle na Gàidhealtachd, Eilean Siar agus Baile Ghlaschu.
Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba le uallach airson a bhith a’ brosnachadh leasachadh na Gàidhlig, ag ràdh gu bheil a’ Ghàidhlig “na rud sònraichte do Ùghdarras Poblach a tha na bhuannachd air leth” agus faodaidh e suaicheantas a neartachadh “ma thèid a leasachadh gu cruthachail”, agus tha Visit Scotland ag ainmeachadh na Gàidhlig mar aon de 7 rudan a tha “air leth Albannach”.
Le bhith a’ brosnachadh buileachadh Planaichean Cànain Gàidhlig, is e amas Bhòrd na Gàidhlig “inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil na h-Alba aig a bheil spèis cho-ionnan don Bheurla” le bhith a’ brosnachadh barrachd cleachdaidh de Ghàidhlig agus a’ meudachadh faicsinneachd agus cluinntinn na Gàidhlig am measg cheumannan eile. Tha a bhith a’ cur soidhnichean rathaid dà-chànanach an àite soidhnichean rathaid air nach eil ach Beurla a-mhàin a’ cur ri ruigsinn an amais seo.
A bheil dleastanas reachdail ann soidhnichean trafaig Gàidhlig a thoirt a-steach?
Chan eil. Mar thoradh air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 chaidh Bòrd na Gàidhlig agus am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a stèidheachadh. Fon Achd, tha cumhachd aig Bòrd na Gàidhlig iarraidh air ùghdarrasan poblach ann an Alba Planaichean Cànain Gàidhlig reachdail ullachadh, a dh’fhaodadh toirt a-steach molaidhean airson soidhnichean trafaig dà-chànanach a stèidheachadh. (Tha an dòigh-obrach eadar-dhealaichte bhon dòigh anns a’ Chuimrigh, far a bheil Sgeamaichean Cuimris agus, o chionn ghoirid, Inbhean na Cuimris a’ toirt a-steach clàsan a tha ga dhèanamh riatanach gum bi soidhnichean dà-chànanach.)
Tha lìonra rathaidean na h-Alba air a riaghladh le dà sheòrsa ùghdarras rathaid. Tha uallach air Còmhdhail Alba airson leasachadh, riaghladh agus cumail suas lìonra nam prìomh rathaidean, agus tha ùghdarrasan ionadail an urra ri riaghladh agus cumail suas rathaidean ionadail.
Tha a’ mhòr-chuid de dh’ùghdarrasan ionadail (24) air Planaichean Cànain Gàidhlig fhoillseachadh, a tha rim faighinn air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig. Tha ùghdarrasan ionadail eile air dreachd de phlanaichean cànain Gàidhlig fhoillseachadh air na làraichean-lìn fa leth aca.
Chan eil Plana Cànain Gàidhlig foillsichte aig Còmhdhail Alba aig an àm seo.
Dè na gnìomhan a tha ùghdarrasan ionadail air gealltainn?
Ged a tha an fhìor mhòr-chuid de dh’ùghdarrasan ionadail air co-dhiù dreachd de Phlana Cànain Gàidhlig fhoillseachadh, tha an dealas airson soidhnichean rathaid dà-chànanach eadar-dhealaichte bho ùghdarras gu ùghdarras.
Tha an treas cuid de chomhairlean air gealltainn gun cuir iad soidhnichean dà-chànanach aig crìch no an àite prìomh shoidhnichean àrd-ìomhaigh, mar phàirt de chumail suas leantainneach, ach tha ochd ùghdarrasan ionadail a rinn Planaichean Cànain Gàidhlig aig nach eil planaichean soidhnichean rathaid Gàidhlig a thoirt a-steach idir, leithid Comhairle Baile Dhùn Èideann.
Tha timcheall air cairteal de na h-ùghdarrasan ionadail (a’ gabhail a-steach Comhairle na Gàidhealtachd) ag amas air soidhnichean dà-chànanach a thoirt a-steach air a h-uile rathad no a’ mhòr-chuid dhiubh.
Tha na comhairlean eile air gealltainn gun cuir iad an dà chànan dìreach air soidhnichean ‘Fàilte gu’ a’ comharrachadh crìochan ùghdarrasan ionadail.
Bu chòir a bhith mothachail cuideachd nach eil am Plana Gàidhlig Nàiseanta 2018-2023 a’ toirt iomradh air soidhnichean rathaid dà-chànanach.
Dè na chaidh a chosg air soidhnichean rathaid Gàidhlig?
Chan eil fiosrachadh mun t-sùim shònraichte a chaith Còmhdhail Alba air togail agus cumail suas shoidhnichean rathaid dà-chànanach, mar a chithear bho ghrunn iarrtasan Saorsa Fiosrachaidh a fhuair Riaghaltas na h-Alba.
Bha an fheallsanachd san toiseach mu shoidhnichean rathaid dà-chànanach a thoirt a-steach ag amas air prìomh rathaidean a’ dol tro choimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn agus a tha a’ leantainn gu puirt aiseig air a’ chosta an iar. Chaidh poileasaidh soidhne stiùiridh dà-chànanach prìomh rathaid, a’ toirt a-steach an A82 bhon Tairbeart gu Inbhir Nis agus na prìomh rathaidean sin a tha a’ leantainn gu puirt aiseig an iar (Ceann na Creige, an t-Òban, Malaig, Ùig agus Ullapul), aontachadh le Comhairlean na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bhòid aig deireadh 2002. Anns an ùine suas gu 2010, chaidh còrr air £2 millean a chosg a’ cur shoidhnichean air an A87, A887, A830, A835, A828, A85, A82 agus A83. Bhon uair sin, tha obair sam bith a chaidh a dhèanamh air a bhith a’ cur soidhnichean ùra an àite nan soidhnichean a bh’ ann roimhe.
Ann an 2016, fhreagair Riaghaltas na h-Alba ri iarrtas FOI a’ dearbhadh gun deach £115 mìle a chosg air soidhnichean mar phàirt de phròiseact £5M Seach-rathad na Crìon-làraich, le 44% de shoidhnichean dà-chànanach.
Dhearbh freagairt FOI coltach ri seo bhon Ògmhios 2019 gun robh am poileasaidh soidhne stiùiridh dà-chànanach gu bhith air a leudachadh gus prìomh rathad an A9 a ghabhail a-steach mar phàirt den phrògram dùblachaidh eadar Peairt agus Inbhir Nis.
A thaobh ùghdarrasan ionadail agus an t-uallach a th’ orra airson rathaidean ionadail, mar as trice cha bhi na comhairlean sin aig a bheil poileasaidh soidhnichean trafaic dà-chànanach a’ toirt a-steach soidhnichean ùra ach nuair a dh’fheumas iad na soidhnichean a tha ann mar-thà ùrachadh air sgàth aois no droch staid, no mura bi feum air soidhnichean gu tur ùr – rud a lughdaicheas chosgaisean a bharrachd sam bith. Tha seo air ainmeachadh gu sònraichte anns a’ mhòr-chuid de phlanaichean cànain Gàidhlig (faic Plana Cànain Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd no Plana Cànain Gàidhlig Lodainn an Ear).
A bheil soidhnichean dà-chànanach a’ dèanamh rathaidean nas cunnartaiche?
Bho chaidh soidhnichean rathaid dà-chànanach a thoirt a-steach, chaidh cuid de dhraghan a thogail gum biodh iad cunnartach air sgàth gur mathaid gun toireadh dràibhearan nas fhaide gan leughadh. Stèidhich Riaghaltas na h-Alba rannsachadh air buaidh shoidhnichean dà-chànanach air sàbhailteachd rathaid ann an Alba. Chaidh seo a chrìochnachadh leis an Transport Research Laboratory thar trì bliadhna agus chaidh fhoillseachadh san Lùnastal 2012, a’ co-dhùnadh nach eil soidhnichean rathaid dà-chànanach a’ cur ri àrdachadh mòr ann an tubaistean rathaid, ged a dh’fhaodadh iad toirt air dràibhearan a dhol nas slaodaiche:
“Thathar a’ co-dhùnadh, air na prìomh rathaidean sin far an deach soidhnichean dà-chànanach a thogail, ged a tha fianais ann gur dòcha gu bheil soidhnichean dà-chànanach air obair an dràibheir a mheudachadh, gu bheil dràibhearan comasach air dèiligeadh ri seo agus mar sin nach adhbharaich e àrdachadh mòr ann an cunnart tubaist rathaid. Dh’aontaich mion-sgrùdadh air dàta thubaistean ann an Alba leis a’ cho-dhùnadh seo, oir cha d’ fhuair e fianais gu robh, san fharsaingeachd, barrachd no na bu lugha de thubaistean mar thoradh air togail soidhne dà-chànanaich.”
Sheall brath FOI bho Riaghaltas na h-Alba bhon Ghearran 2019, a-mach às na 11 ghearanan a thaobh shoidhnichean dà-chànanach a fhuair Còmhdhail Alba bho 2002, nach robh ach aon dhiubh gu sònraichte ceangailte ri soidhnichean a bha a’ toirt aire dhràibhearan bhon rathad.
Leasachaidhean o chionn ghoirid
Chaidh athchuinge a chur a-steach air 17 Màrt 2020 ag iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba ìmpidh a chur air Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a bheil buidhnean poblach a’ gèilleadh ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 gus dèanamh cinnteach gu bheil làn aithne agus adhartachadh ga thoirt air a’ Ghàidhlig, agus mar sin, air iomadachd cànanach, ann an Alba. Tha Comataidh Athchuingean Poblach Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta a’ beachdachadh air an athchuinge.
Alexandra Gherghiniş, Neach-taic Rannsachaidh
Dealbh bloga: “Now that’s a sign” le Tamsin Slater fon cheadachas CC BY-SA 2.0