Sgeadachail.

Tha na toraidhean a-steach — taghadh coitcheann 2026

Reading Time: 8 minutes

Tha am bloga seo a’ mìneachadh toraidhean an taghaidh agus na tha iad a’ ciallachadh a thaobh mar a bhios Seisean 7 de Phàrlamaid na h-Alba air a dhèanamh suas.

Chaidh an seachdamh taghadh coithcheann airson Pàrlamaid na h-Alba a chumail air 7 Cèitean 2026, agus chaidh na cunntaidhean a dhèanamh air Dihaoine 8 Cèitean 2026. B’ e seo a’ chiad turas nach deach na cunntaidhean a dhèanamh rè na h-oidhche fhèin, ach aig an taghadh choitcheann ann an 2021 far an deach an cumail gus an Dihaoine air sgàth a’ ghalair mhòr-sgaoilte Covid-19.

Tha na figearan a thaobh àireamhan-bhòtaidh, toraidhean agus roinn nam bhòtaichean air an toirt à duilleag-lìn nan toraidhean air a’ BhBC.

Dè bh’ anns na toraidhean, agus dè tha iad a’ ciallachadh airson Seisean 7 den Phàrlamaid?

Tha Pàrlamaid na h-Alba air a dèanamh suas de 129 suidheachain: 73 suidheachain-sgìre agus 56 suidheachain roinneil. Tha ochd roinnean thar Alba agus tha gach roinn a’ taghadh seachdnar Bhall Pàrlamaid na h-Alba (BPA). Airson mòr-chuid fhaighinn de shuidheachain sa Phàrlamaid, feumaidh pàrtaidh co-dhiù 65 suidheachain fhaighinn.

An dèidh cur an cèill toradh a h-uile suidheachain, bha na toraidhean mar a leanas:

  • Reform UK (“Reform”) – 17
  • Pàrtaidh Tòraidheach is Aonachdach na h-Alba (“na Tòraidhean”) — 12
  • Pàrtaidh Uaine na h-Alba (“na Uainich”) — 15
  • Pàrtaidh Làbarach na h-Alba (“na Làbaraich”) — 17
  • Libearlaich Dheamocrataich na h-Alba (“na Liberalaich Dheamocrataich”) — 10
  • Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (“SNP”) — 58
Fhuair an SNP an roinn nam bhòtaichean as motha, ach bha seo air a lùghdachadh bhon taghadh 2021. Chaidh roinn nam bhòtaichean airson Reform UK an àirde leis an ìre as motha.

Mar a tha Seisean 7 den Phàrlamaid air a dhèanamh suas

Fhuair an SNP a’ chuid as motha de shuidheachain agus, airson a’ chiad turais airson Pàrlamaid na h-Alba, bha am Pàrtaidh Làbarach agus Reform UK co-ionann airson an dàrna àite.

Gu h-iomlan, tha sia pàrtaidhean air an riochdachadh ann an Seisean 7 den Phàrlamaid. ’S e an SNP am pàrtaidh as motha sa Phàrlamaid, agus tha na Làbaraich agus Reform co-ionann san dàrna àite, le 17 suidheachain an urra. Ged nach eil mòr-chuid aig an SNP, tha mòr-chuid de BhPA airson neo-eisimeileachd sa Phàrlamaid, oir tha 73 suidheachain gu h-iomlan aig an SNP agus na h-Uainich.

Bhuannaich Reform suidheachain ann am Pàrlamaid na h-Alba airson a’ chiad turais: bhuannaich iad 17 suidheachain air an liosta roinneil. ’S fhiach mothachadh gu bheil nas lugha na 20 suidheachain aig a h-uile pàrtaidh eile seach an SNP. A dh’aindheoin an toraidh bhloighichte seo, chan eil Seisean 7 den Phàrlamaid cho bloighichte ’s a bha an dàrna Seisean den Phàrlamaid (gu tric air ainmeachadh mar Phàrlamaid a’ Bhogha-froise), nuair a bha ochd pàrtaidhean air an riochdachadh a bharrachd air grunn bhall neo-eisimeileach.

Tha 64 BPA ùra ann: 33 buill sgìrean-taghaidh agus 31 buill roinneil. ’S iad Jackie Baillie agus Iain Swinney na h-aon Bhuill a tha air a bhith a’ frithealadh sa Phàrlamaid gu leantainneach bho chionn 1999. Bidh SPICe a’ foillseachadh duilleagan-fiosrachaidh air BPA agus gnothaichean pàrlamaideach.

Ann an Seisean 6 den Phàrlamaid, b’ e an SNP am pàrtaidh poilitigeach as motha, le 64 suidheachain; fhuair na Tòraidhich 31 suidheachain, fhuair na Làbaraich 22 shuidheachan, bha 8 aig na h-Uainich agus bha 4 aig na Libearalaich Dheamocrataich.

Nuair a ràinig sinn ceann Seisean 6 den Phàrlamaid, ge-tà, bha atharrachaidhean air tachairt mar thoradh air buill ag atharrachadh pàrtaidh a bharrachd air feadhainn a’ leigeil dhiubh an dreuchd. Bha an SNP air suidheachan a chall chun nan Làbarach ann am fo-thaghadh an dèidh bàs Chairistìona NicShealbhaigh BPA. Bha 60 suidheachan aig an SNP, bha 28 suidheachain aig na Tòraidhich, bha 20 aig na Làbaraich agus bha 5 aig na Libearalaich Dheamocrataich. Bha 7 suidheachain aig na h-Uainich agus bha 7 bhall neo-eisimeileach ann. Bha aon suidheachan aig Reform cuideachd. Bha an suidheachan mu dheireadh aig an Oifigear Riaghlaidh, aig nach eil cleamhnachadh sam bith aon uair ’s gu bheil iad air an taghadh airson na dreuchd sin. (Chaidh Alison Johnstone BPA a thaghadh mar bhall Uaineach.) Tha duilleag-fiosrachaidh bho SPICe a’ toirt seachad mion-fhiosrachadh air na h-atharrachaidhean uile a thachair rè Seisean 6 den Phàrlamaid.

Dè tha na toraidhean a’ ciallachadh airson mar a bhios Riaghaltas na h-Alba air a chruthachadh?

Ged is e an SNP am pàrtaidh as motha, cha d’ fhuair iad na 65 suidheachain a tha a dhìth airson mòr-chuid. A dh’aindheoin sin, is dòcha gur e an SNP a bhios a’ cruthachadh an ath Riaghaltas na h-Alba.

Airson pàrtaidh sam bith nach fhaigh mòr-chuid de shiudheachain, tha roghainnean ann. Uaireannan, thathar a’ cruthachadh riaghaltas beag-chuid – gu h-àraid far a bheil misneachd aig a’ phàrtaidh gun tèid aca air caidreachasan a dhèanamh le pàrtaidhean eile airson gabhail ri buidseatan agus ri reachdas fo mheasadh cùis air chùis. Riaghlaich an SNP mar riaghaltas beag-chuid an dèidh an taghaidh 2007 agus a-rithist sa phàirt mu dheireadh de Sheisean 6 den Phàrlamaid.

Faodaidh riaghaltas beag-chuid aonta iarraidh bho phàrtaidh no pàrtaidhean eile gus dèanamh cinnteach gu bheil mòr-chuid phàrlamaideach ann nuair a tha sin riatanach. Dh’fhaodadh seo gabhail a-steach aonta co-obrachaidh no gabhail ri co-bhanntachd nas fhoirmeile. Bha aonta co-obrachaidh ann roimhe ann an Alba (eadar Riaghaltas na h-Alba agus na h-Uainich) agus bha co-bhanntachdan foirmeil ann (sa chiad dà sheisean den Phàrlamaid, nuair a bha na Làbaraich agus na Libearalaich Dheamocrataich air riaghaltasan co-bhanntachd a dhèanamh).

Àireamh-bhòtaidh

Ged a thuit an àireamh-bhòtaidhean, bha i mun chuibheas airson 1999 gu 2021.

Ann am bhòt nan sgìrean-taghaidh, b’ e an àireamh-bhòtaidh aig an taghadh seo 53.2%. Bha seo nas ìsle an coimeas ris an taghadh 2021, far am facas an àireamh-bhòtaidh as motha riamh airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba aig 63.5%. Bha an àireamh-bhòtaidh ann an 2021 nas fheàrr na an rogha ron sin, aig 58.2%, a chaidh a chlàradh sa chiad taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999.

’S fhiach toirt fa-near gu bheil an àireamh-bhòtaidh de 53.2% am-bliadhna an coimeas ris an àireamh-bhòtaidh chuibheasaich de 54.9% thar a h-uile taghadh Pàrlamaid na h-Alba.

Bha an àireamh-bhòtaidh am-bliadhna a-rithist gu math nas ìsle na an 84.6% a bhòt san referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 2014.

Sùil air grunn sgìrean-taghaidh fa leth

Gheibhear gu h-ìosal sùil air cuid de na toraidhean as inntinniche am measg nan sgìrean-taghaidh.

Siorrachd Bhanbh agus Oirthir Bhùchainn

B’ e seo an sgìre-taghaidh far am bu dòcha, ann am beachd mòran daoine, gum biodh Reform a’ buannachadh sgìre-taghaidh. Ghlèidh Karen Adam bhon SNP an suidheachan le mòr-chuid de dìreach 364 bhòtaichean. (Fhuair an SNP 10,374 bhòtaichean an coimeas ris an 10,010 a fhuair Reform UK.)

Aig an taghadh 2021, bhuannaich an SNP an suidheachan le 14,920 bhòtaichean, no 45.2%, an coimeas ris an 14,148, no 42.9%, a bh’ aig na Tòraidhich (mòr-chuid de 772). An turas seo, fhuair an SNP 35.2% de bhòtaichean an coimeas ris an 33.9% a fhuair Reform – lùghdachadh de 9.9 puingean ceudaid airson roinn nam bhòtaichean aig an SNP agus àrdachadh de 33.9 puingean ceudaid airson Reform. Fhuair na Tòraidhich 6,348 bhòtaichean aig an taghadh seo.

Dùn Èideann Meadhain

B’ e aon de na cùisean-iongnaidh as motha san taghadh gun do chaill Angus Robertson, bhon SNP, Rùnaire a’ Chaibineit airson a’ Bhun-reachd, Cùisean Taobh A-muigh agus Cultar, an suidheachan aige ann an Dùn Èideann Meadhain do Lorna Slater bho na h-Uainich.

Mar a’ chiad shuidheachan sgìre-taghaidh riamh airson nan Uaineach ann am Pàrlamaid na h-Alba, b’ e toradh cudromach a bha seo, agus Lorna Slater a’ faighinn 12,680 bhòtaichean (36% de roinn nam bhòtaichean). Fhuair na Làbaraich 8,098 bhòtaichean (23 de roinn nam bhòtaichean), a’ putadh an SNP don treas àite le 7,702 bhòtaichean (21.9% de roinn nam bhòtaichean) – ìsleachadh de bharrachd is 17 puingean ceudaid bhon taghadh 2021.

Glaschu Taobh a Deas

Chaidh an suidheachan a b’ àbhaist a bhith aig Nicola Sturgeon gu na h-Uainich, le Holly Bruce air a taghadh le 14,048 bhòtaichean (36.5% de roinn nam bhòtaichean). Mar sin, fhuair na h-Uainich an dàrna suidheachan sgìre-taghaidh aca. Fhuair Kaukab Stewart, bhon SNP, Ministear airson Cho-ionannachdan, an dàrna àite le 10,947 bhòtaichean (28.4% de roinn nam bhòtaichean, ìsleachadh de 32.5 puingean ceudaid bho chionn 2021).

Sgìrean-taghaidh eileanach – Arcaibh, Sealtainn agus Na h-Eileanan an Iar

B’ e Arcaibh a’ chiad sgìre-taghaidh a chuir an cèill an toradh aca, le Liam McArthur air a thilleadh airson a’ chòigeimh turais, le roinn nam bhòtaichean de bharrachd is 70%. A thuilleadh air sin, cha robh duine a’ sùileachadh ris na toraidhean a fhuaireadh ann an sgìrean-taghaidh eileanach na h-Alba.

Airson a’ chiad turais, chan eil Sealtainn air a chumail leis na Libearlaich Dheamocrataich. Bhuannaich an SNP an suidheachan, le Hannah Goodlad air a taghadh mar riochdaire na sgìre-taghaidh le 5,454 bhòtaichean (mòr-chuid de 1,517) agus 47.5% de roinn nam bhòtaichean. Fhuair an tagraiche Libearlach Deamocratach 3,936 bhòtaichean.

Chunnacas fo-thaghadh san sgìre-taghaidh ann an 2019, nuair a leig Tavish Scott dheth a dhreuchd. Chùm Beatrice Wishart an suidheachan airson nan Libearalach Deamocratach ann am fo-thaghadh le mòr-chuid de 1,837 (fhuair na Lib Dems 5,659 bhòtaichean, an coimeas ris an 3,822 bhòtaichean a fhuair an SNP). Chaidh Beatrice Wishart a thaghadh ann an 2021 cuideachd, le 5,803 bhòtaichean.

Bha Alasdair Allan air Na h-Eileanan an Iar a chumail airson an SNP bho chionn an taghaidh 2007. An turas seo, bhuannaich na Làbaraich an suidheachan, toradh ris nach robhar a’ sùileachadh. Fhuair Dòmhnall MacFhionghuin bho na Làbaraich 4,665 bhòtaichean an coimeas ris na 4,511 a fhuair an SNP (mòr-chuid de dìreach 154).

Dè tha na toraidhean a’ ciallachadh airson taghaidhean ann an àitichean eile?

Thathar a’ cleachdadh a’ bhriathair “ùghdarras dùblaichte” (dual mandate) airson nam BPA aig a bheil, a bharrachd air an t-suidheachan aca ann am Pàrlamaid na h-Alba, suidheachan cuideachd ann an Taigh nan Cumantan (BP) no Taigh nam Morairean (Morair) no a tha a’ riochdachadh uàrd sa chomhairle ionadail aca (Comhairliche).

Fo riaghailtean a thugadh a-steach a tha a’ bacadh ùghdarrasan dùbailte airson nam BPA, tha toraidhean nan taghaidhean airson Pàrlamaid na h-Alba a’ ciallachadh gur dòcha gum faicear fo-thaghaidhean airson Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte. Tha Stephen Flynn an-dràsta na Bhall Pàrlamaid airson Obar Dheathain a Deas agus tha Stephen Gethins an-dràsta na Bhall Pàrlamaid airson Obar Bhrothaig agus Bruach Tatha.

Bha Malcolm Offord (am Morair Offord Gharvel) na bhall de Thaigh nam Morairean, ach leig e dheth a dhreuchd bho Thaigh nam Morairean san Fhaoilleach 2026. Tha Katy Clark (a’ Bhan-mhorair Clark Chill D’Fhinnein) fhathast na ball de Thaigh nam Morairean agus mar sin feumaidh i an dreuchd aice a leigeil dhith bho na Morairean airson an suidheachan aice a chumail mar BhPA. Leis nach eil Taigh nam Morairean air a thaghadh, cha bhi seo ag adhbharachadh fo-thaghadh sam bith.

Fo Achd nan Taghaidhean Albannach (Riochdachadh agus Ath-leasachadh) 2025 agus am fo-reachdas a tha co-cheangailte ris, chan eilear a’ ceadachadh ùghdarrasan dùbailte airson Buill Pàrlamaid na h-Alba tuilleadh. Tha ùine dàileachaidh ann sam faod buill a tha air an ùr thaghadh an t-ùghdarras aca ann an seòmraichean eile a leigeil dhiubh air chor ’s gum faod iad frithealadh mar BhPA. ’S iad na h-ùineachan dàileachaidh mar a leanas:

A’ coimhead air adhart

Bidh SPICe a’ foillseachadh brath-ullachaidh air na toraidhean an ath sheachdain. Bidh am brath-ullachaidh sin a’ toirt seachad mion-fhiosrachadh air na toraidhean uile agus mion-sgrùdadh a bharrachd air na tha seo a’ ciallachadh airson Seisean 7 den Phàrlamaid.

Thèid sreath de bhlogaichean-mìneachaidh fhoillseachadh le SPICe cuideachd thairis air an dà sheachdain ri thighinn a bhios a’ mìneachadh dè bhios a’ tachairt sna ciad ghrunn làithean de Sheisean 7 den Phàrlamaid, a thathar an dùil a bhith a’ coinneachadh airson a’ chiad turais air Diardaoine 14 Cèiteain 2026.

Sarah McKay, Iain McIver agus Anndra Aiton, rannsachadh SPICe